Seann leabhar-gnothaichean a’ Chomuinn

Seo seann leabhar-gnothaichean a bh’aig a’ Chomunn (às an naoineamh linn deug), agus chaidh air chaill e fad còrr is ceud bhliadhna.

Riaghailtean a’ Chomuinn 1830

Tha an leabhar ann an Alba a-nis, agus mios no dha air àis chuala sinn mu dheidhinn bhon teaglach aig a bheil. Abair lorg mhìorbhaileach! Chaidh an leabhar a sgriobadh anns a’  Ghàidhlig agus a’ Bheurla, agus aig an àm sin bha rùnaire Gàidhlig (Domhnall MacMhuirich) agus rùnaire Beurla (Seumas Logan) aig a’ Chomunn. Tha aon riaghailtean deug anns a’ leabhar (riaghal a-aon [sic]: ‘Nach bi duine air bith a mheas iumchuidh mar Chompach mur bheil e air chomas da chaint Ghaëlach a labhairt’) agus gnothaichean a rinn an Comunn eadar 1830 agus 1836. A-rèir coltais, chruinneachadh ballrachd a’ Chomuinn (fir a-mhàin agus mar s’abhaist mu seachnar no ochdnar dhiubh) mu aon turus gach mios anns an Taigh-Chofaidh Bhreatannach (ionad ainmeil Albannaich ann an Lunnainn aig an àm sin) anns an Sràid Cockspur. An sin leugh iad paipearan, gabh iad snaoisein, labhairt iad mu leabraichean air cuspairean Gàidhealach, sheinn iad òrain a rinn iad fèin, agus bha dinnear bhliadhnail aca (mar chomharrachd  tadhal a rinn Righ Seoras IV air an Dùn Eideann 1822!).

a’ chiad duilleag an leabhair

 

Leave a Reply

Fill in your details below or click an icon to log in:

WordPress.com Logo

You are commenting using your WordPress.com account. Log Out /  Change )

Google+ photo

You are commenting using your Google+ account. Log Out /  Change )

Twitter picture

You are commenting using your Twitter account. Log Out /  Change )

Facebook photo

You are commenting using your Facebook account. Log Out /  Change )

Connecting to %s

This site uses Akismet to reduce spam. Learn how your comment data is processed.