Eachdraidh a’ Chomainn / History of the Society

Chaidh an comann a stèidheachadh a’ chiad turus 1777, le Seanailear Friseil còmhla ri 16 daoine-uasal Gàidhealach eile. Stèidhich an Urramach Donnchadh MacDhonnchaidh agus Dòmhnall MacMhuirich a-rithist e 1808 (agus chur an dithis fhear seo eaglais Gàidhlig air cois faisg air Westminster Abbey 1809) ach cha do mhair e ach sia bliadhna an turas sin. Stèidhich Dòmhnall MacMuirich agus daoine Gàidhealach eile comunn Gàidhlig ris an abrar ‘Mic Morbheinn’ 1815, ach cha robh an comunn sin maireannach nas motha. Mar sin chuir Dòmhnall MacMhuirich agus triùir dhaoine eile an commun air cois a-rithist 1830, agus tha e air mairinn bhon uair sin gus an latha an-diugh.