Category Archives: Gaidhlig

Seo uaigh aig an Urramach dotair Donnchadh MacDhonnchaidh (m.1765-1825) san cladh Eaglais nan Naoimh Uile, Fulham. B’e Donnchadh MacDhonnchaidh (còmhla ri Dòmhnall MacMhuirich) a stèidhich an Commun Gàidhlig Lunnainn a-rithist 1808 agus chur e air chois cuideachd eaglais Gàidhlig 1809 faisg air Westminster Abbey (sràid Dartmouth). B’e tidsear a bh’ann ann an Cinn a’ Ghiùthsaich 1786-1792 agus bha e na thidsear pearsonta aig Raghnall Seoras Dòmhnallach Clann Raghnall  agus a bhraithrean 1799-m.1804. As dèidh caochlaidh MacDhonnchaidh, phòs a bhanntrach (Mòr) an dotair Raibeart Armstrong (1788-1867). Dh’fhoillsich Raibeart Armstrong a’ chiad faclair làn Gàidhlig 1827 agus bha e na ‘Gaelic Lexicographer-in-ordinary’ aig Righ Sèoras IV.

uaigh aig Urramach Donnchadh MacDhonnchaidh

 

Leabhar ùr le Iain Moireach – Litreacheas na Tire: Oran, Bardachd is Sgeul

(£18.99, Whittles Publishing, Dunbeath, Gallaibh, Alba: dulleag larach-lin an seo)

(S’e Iain Moireach sgriobhadair an leabhar ainmeil ‘A leughadh an dealbh-tìre Gàidhlig).’

Tha cuspair an leabhar seo (aig a bheil 65 dealbhan) aiteachan Gàidhealtachd na h-Alba mar suidheachaidhean òrain, bàrdachd agus sgeuleachdan agus ceanglaichean eadar fionnsgeòil traidiseanta Gàidhlig agus sgriobhaidean as uire

A new book from John Murray – Literature of the Gaelic Landscape: Song, Poem and Tale

(£18.99, Whittles Publishing, Dunbeath, Caithness, Scotland: web page here)

(John Murray is the author of the well-known book ‘Reading the Gaelic Landscape’)

The theme of the book (which has 65 photographs) is where songs, poems and stories have been set in the landscape of the Scottish Highlands and the connections between traditional Gaelic legend and more contemporary writing.