Category Archives: London Gaelic activities

Seo uaigh aig an Urramach dotair Donnchadh MacDhonnchaidh (m.1765-1825) san cladh Eaglais nan Naoimh Uile, Fulham. B’e Donnchadh MacDhonnchaidh (còmhla ri Dòmhnall MacMhuirich) a stèidhich an Commun Gàidhlig Lunnainn a-rithist 1808 agus chur e air chois cuideachd eaglais Gàidhlig 1809 faisg air Westminster Abbey (sràid Dartmouth). B’e tidsear a bh’ann ann an Cinn a’ Ghiùthsaich 1786-1792 agus bha e na thidsear pearsonta aig Raghnall Seoras Dòmhnallach Clann Raghnall  agus a bhraithrean 1799-m.1804. As dèidh caochlaidh MacDhonnchaidh, phòs a bhanntrach (Mòr) an dotair Raibeart Armstrong (1788-1867). Dh’fhoillsich Raibeart Armstrong a’ chiad faclair làn Gàidhlig 1827 agus bha e na ‘Gaelic Lexicographer-in-ordinary’ aig Righ Sèoras IV.

uaigh aig Urramach Donnchadh MacDhonnchaidh