Category Archives: London Gaelic history

Seo uaigh aig an Urramach dotair Donnchadh MacDhonnchaidh (m.1765-1825) san cladh Eaglais nan Naoimh Uile, Fulham. B’e Donnchadh MacDhonnchaidh (còmhla ri Dòmhnall MacMhuirich) a stèidhich an Commun Gàidhlig Lunnainn a-rithist 1808 agus chur e air chois cuideachd eaglais Gàidhlig 1809 faisg air Westminster Abbey (sràid Dartmouth). B’e tidsear a bh’ann ann an Cinn a’ Ghiùthsaich 1786-1792 agus bha e na thidsear pearsonta aig Raghnall Seoras Dòmhnallach Clann Raghnall  agus a bhraithrean 1799-m.1804. As dèidh caochlaidh MacDhonnchaidh, phòs a bhanntrach (Mòr) an dotair Raibeart Armstrong (1788-1867). Dh’fhoillsich Raibeart Armstrong a’ chiad faclair làn Gàidhlig 1827 agus bha e na ‘Gaelic Lexicographer-in-ordinary’ aig Righ Sèoras IV.

uaigh aig Urramach Donnchadh MacDhonnchaidh

 

Carragh-cuimhne san Garradh Naomh Seoras / Memorial Stone in St George’s Gardens

O chionn ghoirid mhothaich mi an carrag-cuimhne seo a chomharrachd daoine as arm Prionnsa Tearlaich a chaidh air muirt ann an Kennington Common 1746. Tha an carragh san Gàrradh Neamh Seorais faisg air stèisean Kings Cross agus Brunswick Square.

I recently noticed this stone in St. George’s Gardens (a few minutes walk from Kings Cross and close to Brunswick Square) commemorating men from the Manchester regiment of Prince Charles Army who were executed on Kennington Common in 1746

memorial-in-st-georges-gardens